Episode 5
Download and listen anywhere
Download your favorite episodes and enjoy them, wherever you are! Sign up or log in now to access offline listening.
Description
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of the Gaelic language, dialects, idioms and sayings. In this week's programme, Catriona Murray introduces beginners to some conversational Gaelic and Linda...
show moreA bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Anns a' phrògram an-diugh, bidh Catrìona Mhoireach a’ toirt seachad beagan Gàidhlig shìmplidh airson luchd-tòiseachaidh agus bidh Linda NicLeòid a’ toirt sùil air abairtean agus faclan feumail a ghabhas cleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean. Airson luchd-ionnsachaidh a tha aig ìre nas adhartaiche, bidh cothrom ann èisteachd ri criomag à tasglann Radio nan Gàidheal, le mìneachadh air cuid de na puingean cànain a tha a’ togail ceann innte; bidh an t-eòlaiche againn, an t-Ollamh Michel Byrne a’ cur a’ phròsbaig air gràmair; agus bidh sinn a’ toirt sùil air aithris naidheachd Ghàidhlig a chualas bho chionn ghoirid agus air cuid dhe na h-abairtean agus faclan a tha a’ nochdadh innte. Cluinnear cuideachd còmhradh eadar Iseabail Mhoireach agus neach-ionnsachaidh na seachdain, Crìsdean Oates à Dùn Eideann.
Information
| Author | BBC |
| Organization | BBC |
| Website | - |
| Tags |
-
|
Copyright 2026 - Spreaker Inc. an iHeartMedia Company
Comments